Corp fireannaich air a lorg ann an Loch Obha

  • Air fhoillseachadh
Loch ObhaTùs an deilbh, Catuncia

Chaidh corp fireanaich a lorg ann an Loch Obha ann an Earra-Ghàidheal às dèidh luchd-teasairginn a bhith a' sireadh Keiran Cowan bho Dhisathairne.

Bha Mgr Cowan, 23, air bàta còmhla ri dithis eile, aois 23 agus 27, nuair a chuir i car.

Rinn an dithis eile snàmh gu eilean beag san loch far an do chuir iad fios air na seirbheisean èiginn mu 16:30f Disathairne.

Thugadh iadsan gu ospadal Latharna agus nan Eilean san Òban, ach cha d'fhuaireadh lorg air Mgr Cowan aig an àm.

Tha sgiobaidhean teasairginn air a bhith a-muigh gach latha bhon uairsin a' coimhead air a shon.

Chaidh innse dha teaghlach Mhgr Cowan gun deach corp a lorg.

Tha Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Mara, agus Poileas Alba a' rannsachadh na cùise.