Leòdhas is na Hearadh ag amas air a' chupa

Bidh sgioba nam ban aig Leòdhas is na Hearadh ag amas air eachdraidh Disathairne is iad a' cluich sa chuairt dheireannaich de Chupa Lìog na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Bidh iad an aghaidh Clach na Cùdainn aig Pàirce Chaledonian.

Cluinnear an geama beò air BBC Radio nan Gàidheal às dèidh naidheachdan 1f Disathairne, le Alisdair MacIllinnein is Marina Mhoireach ag aithris.

Tha Leòdhas is na Hearadh cuideachd air innse gur e seo an geàma mu dheireadh aca den t-seasan, is iad air tarraing a-mach à Lìog na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Chuala Doneil MacLeòid bho Annie NicIllinnein, a tha a' cluich do Leòdhas is na Hearadh.