Tuiltean Uibhist a Deas a' dùnadh a' phrìomh rathaid

Dh'adhbhraich uisge trom tuiltean air rathaidean ann an Uibhist a Deas sa mhadainn an-diugh.

Chaidh prìomh rathad an eilein, an A865 a dhùnadh fad grunn uairean a thìde aig Gearraidh Bhailteas le na bha de dh' uisge a' laighe air an rathad.

Tha tuilleadh aig Shona NicDhòmhnaill.