Deugaire air a stad dà thuras air an NC500

  • Air fhoillseachadh
Càr Poileas Alba

Chuir na Polais stad air deugaire dà thuras san aon uair de thìde is e a' dràibheadh ro luath air rathad an taobh tuath na Gàidhealtachd.

Bha na polais a' cumail sùil air rathaidhean an Gallaibh is ann an Cataibh, a tha nam pàirt de shlighe aithnichte an NC500, an t-seachdain seo.

Chuir iad stad air fear aois 19 airson a bhith a' dèanamh 55 m.s.u ann an roinn 30 m.s.u agus chaidh a stad a-rithist aig làrach eile far an deachh e cuideachd thairis air a' chasg-astar airson an rathaid.

Bha seo am measg 41 eucoir a chaidh a chlàradh le polais air slighe an NC500 air a' Ghàidhealtachd, eadar Dimàirt is Diardaoin an t-seachdainsa.

Chaidh rabhadh a bharrachd a thoirt do 118 dràibhear eile airson, nam measg, a bhith a' dràibheadh gun chrios-dìon, a bhith a' cleachdadh fòn-làimhe agus a bhith as aonais àrachais.

Rabhadh

Ach 's ann airson a bhith a' dràibheadh ro luath a chaidh a' mhòr-chuid a ghlacadh, le 18 eucoir agus rabhadh air a thoirt do 67.

'S ann air na rathaidean an A9, A99 A835, A836 agus an A838 ann an Gallaibh is Cataibh a chaidh na carbadan a stad.

A-rèir Sàirdseant Rathad nam Poileas, Gus Moireach, tha slighe an NC500 fhathast a' tàladh dhaoine ged a tha seusan an t-samhraidh gus a bhith deiseil agus draghan aig coimhearsnachdan san sgìre mun dòigh sa tha cuid a' dràibheadh.

"Bha grunn de na chaidh a stad nach robh eòlach air a bhith a' dràibheadh air rathaidean singilte agus fhuair iad comhairle mu bhith a' leigeil seachad charbadan air an cùlaibh is gun a bhith a' dèanamh dàil do dhaoine eile," thuirt e.

"Bhon a tha an t-slighe cho tarraingeach fad na bliadhna, leanaidh sinn oirnn a' cumail sùil air na rathaidean seo airson deagh stiùireadh a thoirt do dhràibhearan ge brith an ann bhon sgire fhèin no a' tadhal air an àite a tha iad," thuirt an Sàirdseant Moireach.