Cead do thuath-gaoithe os cionn Loch Nis
- Air fhoillseachadh

Thug Riaghaltas na h-Alba cead do thuath-gaoithe, os cionn Loch Nis, a chaidh a dhiùltadh roimhe le Comhairle na Gàidhealtachd.
O chionn dà bhliadhna dh'aontaich a' chomhairle nach toireadh iad cead dhan sgeama aig An Drochaid Bhàin air ceann a deas an loch.
Bha luchd-iomairt air dragh a thogail gun adbhraicheadh an tuath-gaoithe call air craobhan agus mòinteach chudromach san sgìre.
Rinn an luchd-leasachaidh tagradh an aghaidh cho-dhùnadh na comhairle ge-tà agus às deidh do neach-aithris bhon Riaghaltas tadhal air an làraich chaidh cead a thoirt dhan sgeama anns am bi 14 cruinn.
Bidh na cruinn, a bhios 130m a dh'àirde, rim faicinn bho mhullach Mheall Fuar-Mhonaidh air taobh thall an loch agus chì luchd-coiseachd na slighean cloiche air an son bho Shlighe a' Ghlinne Mhòir.
Thuirt an neach-athiris gum bi mar a tha craobhan gan cur san sgìre na chuideachadh gus lùghdachadh a thoirt air a' bhuaidh air seallaidhean san sgìre.
Tha luchd-iomairt an aghaidh thuathan-gaoithe ag ràdh gur e eisimpleir eile a th' ann an seo do neach nach deach a thaghadh agus a chaidh a chur san dreuchd leis an Riaghaltas ag atharrachadh co-dhùnadh chomhairlichean a chaidh a thaghadh gu deamocrataigeach.