Beachd ga ghabhail air sgoil ùr am Baile Dhubhthaich
Dh'innis Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba gu bheil e gabhail beachd air am bu chòir sgoil ùr a thogail ann am Baile Dhubhthaich.
Tha seo a' tighinn agus Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil aon sgoil mhòr aig mullach na liosta aca airson taic airgid an riaghaltais.
Chan i seo an aon sgoil a tha feumach air leasachadh san sgìre ge-tà.
Tha an t-ùghdarras ionadail a' dol a dh'fhaighneachd don Riaghaltas an tèid aca air an t-aigread a th' air a chur chun na dàrna taobh airson sgoiltean Gàidhlig a chleachdadh gus sgoiltean ùra a thogail anns am biodh an dà chuid foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus tro mheadhan na Beurla.