Fàilte ga chur air airgead àiteachais
- Air fhoillseachadh

Chaidh fàilte a chur air an naidheachd gum faigh tuathanaich agus croitearan ann an Alba £51m de dh'airgead-subsadaidh bho Riaghaltas Bhreatainn, a bharrachd air an £160m a chaidh fhoillseachadh na tràithe air an t-seachdain.
Ach thuirt Bunait Croitearachd na h-Alba gur e airgead a th' ann a bha còir tighinn a dh'Alba sa chiad dol a-mach.
Thuirt iad gur e mar a bha tuathanaich monaidh agus croitearan na h-Alba a' faighinn na bu lugha na feadhainn ann an àiteachan eile san Rìoghachd Aonaichte as coireach gun tàinig an t-airgead a bharrachd.
CAP
"'S ann gu ìre mhòir ri linn cho daingeann 's a bha Riaghaltas na h-Alba agus luchd-àiteachais na h-Alba a fhuair sinn an t-airgead seo - ged a bha an t-airgead gu follaiseach againn air Riaghaltas Bhreatainn co-dhiù, agus tha e maslach gun tàinig oirnn oidhirp cho mòr a dhèanamh airson rud a tha leinn fhaighinn," thuirt cathraiche Bunait na Croitearachd, Yvonne White.
Fon earrann den CAP (Poileasaidh Coitcheann Àiteachais an EU) a tha a' dol an-dràsta, bu chòir gum faigh luchd-àiteachais 90% den ìre taice chuibheasaich Eòrpaich airson gach hectare talmhainn.
Tha an ìre chuibheasach ann am Breatainn air a bhith nas ìsle na sin ri linn 's gun robh luchd-àiteachais an Alba a' faighinn nas lugha, a' fàgail ìre chuibheasach Brheatainn aig mu 45% den ìre Eòrpaich.
'S ann ri linn sin a tha Breatainn a-niste a' faighinn an €223m a bharrachd, thairis air sia bliadhna.
Cumhachdan
Chuir BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, fàilte air an naidheachd.
"'S e airgead a tha seo a bu chòir a bhith air tighinn gu croitearan agus tuathanaich ann an Alba roimhe," thuirt e.
"Tha mi gu math toilichte gu bheil Riaghaltas Bhreatainn, an dèidh sia bliadhna, mu dheireadh thall air gèilleadh fon ìmpidh a tha an SNP air a bhith a' cur orra, agus gun tèid an t-airgead seo dhan àite as còir dha a bhith.
"Tha e na adhbhar dragh ge-tà, a dh'aindeoin 's gur ann aig Pàrlamaid na h-Alba a tha na cumhachdan seo air fad, gu bheil aithrisean ann gu bheil ministearan Riaghaltas Bhreatainn a' feuchainn ri innse mar a thèid am maoineachadh seo a chosg.
"Bhiodh sin ceàrr, agus dheadh e an aghaidh fèin-riaghlaidh," thuirt e.