"Feumaidh piseach tighinn air Bòrd na Gàidhlig"
- Air fhoillseachadh

Chaidh òrdachadh do Bhòrd na Gàidhlig gum feum a' bhuidheann piseach susbainteach a thoirt air mar a tha iad ga ruith.
Rinn aithisg aig Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba càineadh air mar a tha a' bhuidheann ga ruith, ag ràdh gu bheil laigsean bunaiteach ann a thaobh ceannais, agus gu bheil soilleireachadh is tro-fhaicsinneachd a dhìth am broinn na buidhne a thaobh mar a tha co-dhùnaidhean gan dèanamh.
Bha cuideachd cultar truagh de rianachd sa bhuidhinn, thuirt iad, agus cha robh planadh èifeachdach ga dhèanamh a thaobh an luchd-obrach.
Tha mu 19 duine ag obair aig Bòrd na Gàidhlig, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, agus bha iad an urra ri cosgaisean £5.3m anns a' bhliadhna-ionmhais chun a' Ghiblein am-bliadhna.
Thuirt an t-Àrd-Neach-Sgrùdaidh, Caroline Gardner: "Tha a' Ghàidhlig na pàirt chudromach de chultar na h-Alba.
"Ach feumaidh buidhnean poblach uile, ge b' e dè cho mòr no beag 's a tha iad, sealltainn gu bheil iad air an deagh ruith, 's co-dhùnaidhean a dhèanamh ann an dòigh fhosgailte agus tro-fhaicsinneach.
"Feumaidh ceannardan a' Bhùird piseach susbainteach a thoirt air na laigsean a chaidh a nochdadh san aithisg, gus earbsa an luchd-obrach, na Pàrlamaid agus a' phobaill a chosnadh às ùr."
Thùirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad ag aithneachadh gum feum piseach tighinn air an obair aca, agus gu bheil iad ag obair a dh'ionnsaigh sin a dhèanamh.