Naidheachdan 11:00m

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Alasdair Jack, nach tèid bacaidhean a' Choròna-Bhìorais a thogail gus am bi dearbhadh ann le deuchainn air a' chomhairle shaidheantaifigich. Thuirt Mgr Jack gur e dìon beatha an rud as cudromaiche, ach gum feumar spèis a thoirt cuideachd do bheò-shlaint dhaoine. Tha Ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, ag ràdh gu bheil esan an amharas gu bheil eagal air Dominic Raab, a tha an àite a' Phrìomhaire an-dràsta, na riaghailtean a thogail gun chead Bhoris Johnson.

Thuirt a' chompanaidh às an Eilbheis, Roche, a tha a' dèanamh chungaidhean-lèigheis agus stuthan meidigeach, gu bheil iad air deuchainn a dhealbh a dh'innseas an robh Covid-19 air duine, agus gum bi sin ri fhaotainn bhon ath-mhìos. Tha dearbhadh den t-seòrsa sin cudromach a thaobh co-dhùnadh cuin a thòisicheas riaghaltasan a' togail bhacaidhean a' bhìorais.

Tha deasbad ann mu bheachd an eòlaiche an t-Oll. Ùisdean Pennington na h-Eileanan Siar a chleachdadh mar àite san gabhadh deuchainn dèanamh air Lockdown a' Choròna-Bhìorais a thogail. Tha an t-Oll. Pennington den bheachd gu bheil na h-eileanan, no Arcaibh, freagarrach leis gu bheil cho beag de chùisean den bhìoras anns na sgìrean sin. Thuirt àrd-oifigear Chomhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr, gu bheil e ro thràth beachd a toirt seachad air moladh an Oll. Pennington, agus gu bheil na tha iadsan a' dèanamh stèidhichte air comhairle an NHS agus Riaghaltas na h-Alba. Agus thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iadsan a' gabhail ri stiùireadh Riaghaltas na h-Alba 's Westminster, agus gu bheil na h-eileanan aig ìre thràth le Covid-19, agus nach eil iad airson càil a dhèanamh a bhiodh a' fàgail a' bhìorais a' sgapadh nas luaithe.

Gheibh feadhainn a ghabh iasad airson càr, no creideas air a bheil riadh mòr, faochadh airson ùine bho phàigheadh sin air ais, ma tha iad ann an èiginn ionmhais le buaidh a' bhìorais. Tha an sgeama sin coltach ris an sgeama a tha a' cuideachadh dhaoine mar thà, aig a bheil morgaidsean, iasadan pearsanta no fiachan air na cairtean creideis aca.

Dh'fhoillsich an Ceann-Suidhe Trump plana airson riaghailtean a' Choròna-Bhìorais a thogail mean air mhean air feadh nan Stàitean Aonaichte. Thuirt e gu bheil Aimeireaga seachad air a' chuid as miosa de chùisean ùra den bhìoras, agus gu bheil cead a-niste aig gach stàit co-dhùnadh cuin a thòisicheas iad air na bacaidhean a thogail.