Binn prìosain air mèirleach Inbhir Ùige
- Air fhoillseachadh

Chaidh binn prìosain 16 mìosan a chur air duine à Eilginn a ghoid £5,000 à cafaidh ann an Inbhir Ùige.
Bha Guy Whitelaw air fhaicinn air CCTV a' briseadh a-steach dhan chafaidh air an 13mh là den Mhàrt.
A rèir na tè-lagha aige, Laura Jayne MacFarlane, tha Guy Whitelaw, 37, air a bhith a-mach 's a-steach a phrìosan airson 16 bliadhna 's e an grèim dhrogaichean, agus 's ann a ghluais e a dh'Inbhir Ùige airson a' bheatha sin a sheachnadh.
Sa chùirt ann an Inbhir Nis Diciadain, thuirt Neach-casaid a' Chrùin, Iain Gray, gun do ghabh Whitelaw deoch làidir is drogaichean mus do bhris e a-steach don chafaidh Wickers World ann an Inbhir Ùige, a'goid £5,000.
Nuair a chaidh a ghlacadh cha robh ach £500 ri lorg.
A' toirt seachad a bhinn, rinn an Siorram Eilidh NicDhòmhnaill càineadh air, 's i ag ràdh gun robh e air an t-uabhas cràdh adhbhrachadh dhan teaghlach leis an robh an cafaidh, gu h-àraid agus e a-niste dùinte ri linn suidheachadh a' Choròna-bhìorais.