Neach air bàsachadh le Covid-19 san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh

Chaidh innse gu bheil neach air caochladh leis a' choròna-bhìoras an dèidh mar a chaidh a dhearbhadh air grunn luchd-còmhnaidh is luchd-obrach ann an dachaigh-cùraim ann am Port Rìgh.
Thàinig e am bàrr gun robh am bhìoras air nochdadh san dachaigh-cùraim neo-eisimealach Home Farm air an t-seachdain seo chaidh.
Thuirt BP na sgìre, Iain Blackford, Didòmhnaich gun deach an galar a dhearbhadh air 29 a-mach à 34 den luchd-còmhnaidh, agus air 27 a-mach à 52 den luchd-obrach.
Thuirt neach-labhairt bhon dachaigh-cùraim gu robh iad a' smaoineachadh air teaghlach an neach a chaochail agus gu robh co-fhaireachdainn aca dhaibh.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd agus Còmhairle na Gàidhealtachd nach eil fianais sam bith aca gu bheil an galar air sgapadh a bharrachd sa choimhearsnachd.
Chan eil iad air fiosrachadh a bharrachd fhoillseachadh aig an àm seo mu na cùisean, ach dh'iarr iad air muinntir an eilein cumail ri stiùireadh an Riaghaltais a thaobh a bhith a' dèiligeadh leis a' bhìoras.
Draghail
Thuirt BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, gun robh suidheachadh a' Choròna-bhìorais san Eilean Sgitheanach na uallach agus na dhragh.
"Le bhith a' cumail taic ris an NHS agus ar luchd-cùraim agus le bhith a' dèanamh nas urrainn dhuinn airson a bhith a' cumail cho glan 's a ghabhas, cumaidh sinn an galar bho bhith a' sgapadh agus nì sinn nas urrainn dhuinn beatha dhaoine a shàbhaladh - chan ann a-mhàin san Eilean Sgitheanach ach sa h-uile coimhearsnachd," thuirt i.
Thuirt Iain Blackford nach eil innealan-anail rim faotainn san Eilean Sgitheanach, agus an fheadhainn as fhaisge 112 mìle air falbh ann an Inbhir Nis.
"Tha sinn a' dèanamh barrachd sgrùdaidh air cùisean, a' cur barrachd chuideam air daoine na riaghailtean a thaobh slàinte phoblach a leantainn agus tha sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile taic air a toirt do theaghlaichean air a bheil seo a' toirt buaidh," thuirt Mgr Blackford.
Comas
"A bharrachd air deuchainnean a ghabhas dèanamh aig Ospadal Phort Rìgh, tha comas ann deuchainnean a dhèanamh aig ionad fa-leth san Àth Leathainn bho seo a-mach, a bhios saighdearan a ruith," thuirt e.
Chaidh iarraidh air luchd-obrach aig Home Farm a tha dearbhte leis a' bhìoras fuireach aca fhèin airson seachd là. Feumaidh daoine a tha a' fuireach còmhla riutha sin a dhèanamh airson cola-deug.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd agus Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil an dachaigh-cùraim air luchd-obrach a bharrachd a chur air dòigh agus tha am bòrd slàinte air luchd-taic a chur an sàs.