MV Kaami air bhog a rithist
- Air fhoillseachadh

Chaidh aig sgioba sàbhalaidh air soitheach charago a th' air a bhith air na creagan far chosta a tuath an Eilein Sgitheanaich bhon Mhàrt a chur air bhog às ùr.
Chaidh an MV Kaami ann an duilgheadas faisg air deireadh a' Mhàirt 's i a' giùlain peileatan connaidh air an dèanamh de sgudal.
Cha deach duine den chriutha a ghoirteachadh.
An dèidh mar a chaidh an carago a thoir dhith, chuireadh an soitheach air bhog a-rithist Dimàirt, 's a shlaodadh gu doca-tioram Ghàrradh Chiseoirn air taobh siar Rois - turas a thug 14 uairean de thìde.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh iad air a bhith a' cumail sùil a-mach airson truailleadh sam bith bhon t-soitheach air na cladaichean.