Naidheachdan 11:00m

Innsidh an Seansalair Rishi Sunak an-diugh dè thachras le sgeama fòrlaidh Riaghaltas Westminster a tha a' pàigheadh a' chuid as motha den tuarastal aig còrr agus 6,000,000 duine. Tha iarrtasan ann gun tèid an sgeama, a tha còir a thighinn gu ceann anns an Ògmhios, a leudachadh.

Dh'innis Ryanair gu bheil iad an dùil 40% de na seirbheisean adhair aca a thòiseachadh a-rithist anns an Iuchar. Dh'fheumadh na bacaidhean air seirbheisean às an EU a bhith air an lagachadh an toiseach. Dh'fheumadh na puirt-adhair ceumannan a ghabhail gus slàinte a' phobaill a dhìon cuideachd. Bidh aig criutha agus an luchd-siubhail ri còmhdach aghaidh a chur orra agus deuchainn teas bodhaige a dhèanamh. Thuirt àrd-oifigeach na companaidh, Mìcheal O'Leary, gun robh e den bheachd nach obraicheadh plana an Riaghaltais iarraidh air luchd-siubhail a dhol ann an iomallachd fad cola-deug an dèidh dhaibh a thighinn a-steach a Bhreatainn.

'S dh'innis an Spàinn gum bi aig duine sam bith a thèid dhan dùthaich bho Dhihaoine iad fhèin a chur ann an iomallachd fad cola-deug. Mairidh seo fhad 's a mhaireas staid èiginn na dùthcha.

Tha dragh mu na dh'fhaodadh tachairt do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba san àm ri teachd agus iad ag ràdh gum faodadh 429 duine an dreuchd a chall. Tha an t-Urras a' dèanamh dheth gun caill iad £28m de theachd a-steach leis gu bheil na togalaichean agus na làraichean aca dùinte ri linn Covid-19. Tha a' bhuidheann a' coimhead às dèidh làraichean leithid raon Bhlàir Chùil Lodair agus Hill House ann am Baile Eilidh.

Tha e air a thighinn am follais gun do bhàsaich oifigear ticead air an rèile ri linn a' Choròna-bhìorais às dèidh do dh'fhireannach a thuirt gun robh Covid-19 air smugaid a thilgeil oirre. Bha Belly Mujinga, a bha 47, agus aig an robh trioblaidean analachaidh, ag obair ann an Stèisean Victoria ann an Lunnainn aig an àm. Chaidh an smugaid a thilgeil oirre sa Mhàrt agus chaochail i san ospadal an t-seachdain a chaidh. Tha Poilis Còmhdhail Bhreatainn a' rannsachadh na cùise.

Tha Sìona am beachd deuchainn a dhèanamh air a h-uile duine a tha a' fuireach ann an Wuhan - 11,000,000 duine - às dèidh do chùisean ùra den bhìoras togail ceann. Tha Wuhan, far an do thòisich am bhìoras a' sgapadh bho thùs, air a bhith a' fosgladh beag air bheag.