'Feumaidh sinn obrachadh còmhla' - MacGriogair
- Air fhoillseachadh

Thuirt cathraiche Ross County gum feum a h-uile duine ann am ball-coise na h-Alba tighinn còmhla.
Bha Roy MacGriogair a' bruidhinn às dèidh do chlubaichean an SPFL bhòtadh an aghaidh rannsachadh neo-eisimeileach a dhèanamh air bhòt sa Ghiblean a thug an Championship, Lìog 1 agus Lìog 2 gu ceann.
Tha dùil gun tèid a' Phrìomh Lìog a thoirt gu ceann a dh'aithghearr.
B' iad Rangers, Hearts agus an t-Sròn Reamhar a bha air cùl a' ghluasaid, is iad mì-thoilichte le mar a chaidh an gnothach a làimhseachadh.
Chuir 27 clubaichean an aghaidh rannsachaidh le 13 air a shon. Cha do bhòt dà chluba idir.
Ged a tha connspaid is droch fhaireachdainn a' leantainn, tha Roy MacGriogair co-dhiù den bheachd gu bheil an t-àm ann gluasad air adhart.
"Tha mi an dòchas leis a' bhòt seachad, gun urrainn dha na clubaichean uile agus na h-ùghdarrasan gluasad air adhart còmhla gus na freagairtean as fheàrr a lorg 'son ball-coise na h-Alba", thuirt Mgr MacGriogair.
Cunnart
"'S e am pandemic seo an cunnart as motha a bha riamh ann do bhall-coise na h-Alba. Feumaidh sinn obrachadh còmhla gus dèanamh cinnteach gun tig sinn a-mach às, gus obraichean a dhìon agus gus dèanamh cinnteach gum bi sinn buan agus soirbheachail air a' cheann thall.
"Mura dèilig sinn ris na cunnartan a th' ann do chlubaichean is lìogaichean aig an ìre seo, dh'fhaodadh gun toir e droch bhuaidh air mar a thig sinn a-mach às an staing a th' ann agus bu chòir gur e sin an rud as cudromaiche a th' ann an-dràsta.
"Chaidh co-dhùnadh a ruighinn agus tha sinn an dòchas gun gabh a h-uile duine ris 's gun urrainn dhuinn uile gluasad air adhart còmhla", thuirt e.
Dh'innis Mgr MacGriogair gu bheil County fhèin air sgeama air a bheil Staggies Army a stèidheachadh gus luchd-leantainn a bhrosnachadh taic-airgid a chumail ris a' chluba.
Air taobh thall Drochaid Cheasaig, bha Caley Thistle air dà bhrath gu math làidir a sgaoileadh ron bhòt a bha, am measg eile, a' mìneachadh gun cuireadh iadsan taic ri rannsachadh neo-eisimeileach.
Air a' cheann thall, b' iad an aona chluba san Championship a bhòt air a shon.
Chan eil ICT thuige seo air dad a ràdh gu h-oifigeil às dèidh na bhòt.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Cèitean 2020
