Tagradh ann an Cùirt an t-Siorraidh Home Farm a thoirt far chlàr nan dachaighean cùraim
- Air fhoillseachadh

Tha Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim air tagradh a dhèanamh ann an Cùirt an t-Siorraidh airson Home Farm a thoirt far chlàr nan dachaighean cùraim
Tha seachdnar luchd-còmhnaidh air bàs fhaighinn bho Chovid-19 agus tha an galair air cha mhòr 60 luchd-còmhnaidh agus luchd-obrach eile.
Thuirt neach-labhairt bhon an luchd-sgrùdaidh gun robh iomagain orra mun ìre de chùram a bha luchd-còmhnaidh a' faighinn aig dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh às dèidh dhaibh tadhal ann Dimàirt, an 12mh là den Chèitean.
Tagradh
"Tha sinn a' tuigsinn gur e àm fìor dhuilich a tha seo dhan an luchd-còmhnaidh, dhan an luchd-dàimh aca agus don luchd-obrach aig an dachaigh-cùraim.
"Ach 'se am prìomh amas a th'againn daonnan, slàinte agus cùram an luchd-còmhnaidh.
"Chur sinn tagradh air adhart gu cùirt an t-siorraidh airson a' chlàradh a th'aig an dachaigh-cùraim a thoirt air falbh.
"Dh'fhaodadh sin a bhith a' ciallachadh gum bi doighean cùram ùra aig luchd-còmhnaidh Home Farm.
Ìre Cùram
"Tha sinn ag obair gu dlùth le NHS na Gàidhealtachd airson a dhèanamh cinnteach gu bheil luchd-còmhnaidh a' faighinn an cùram ceart aig an àm dhuilich a tha seo", thuirt a neach-labhairt bhon luchd-sgrùdaidh.
Dh'innis Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil iad ag obair leis a' chompanaidh HC-One, leis a bheil an dachaigh, gus piseach a thoirt air cùisean "gu luath agus gu h-èifeachdach".
Thuirt iad gun tèid luchd-obrach is goireasan a bharrachd a chur air dòigh gus ìre a' chùraim a leasachadh agus a chumail aig ìre freagarrach.
Ann am brath-naidheachd dh'iarr a' chompanaidh a tha ruith Home Farm, HC-One, leisgeul air an luchd-còmhnaidh, na teaghlaichean aca, agus air a' choimhearsnachd ionadal.
"Tha sinn a' gabhail ris nach robh cùisean math gu leòr aig Home Farm, agus tha sinn a' gealltainn gun dean sinn ur dìcheall gus piseach a thoirt air cùisean anns an dachaigh agus gun cur sinn cùisean ceart.
"Tha sinn duilich gu bheil Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim air na ceumannan seo a ghabhail, ach cùmaidh sinn oirnn ag obair ann a co-bhanntachd le NHS na Gàidhealtachd aig an dachaigh-cùraim airson plana a chur an gniomh agus bi am fòcas againn air an luchd-còmhnaidh agus a bhith toirt seachad an cùram is fhearr dhaibhsan", thuirt iad.