An deicheamh bàs ann an Home Farm

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-cùraim
Fo-thiotal an deilbh,

Tha deichnear a-nis air am beatha a chall anns an dachaigh-chùraim

Chaidh an deicheamh bàs a dhearbhadh am measg luchd-còmhnaidh ann an dachaigh-chùraim Home Farm ann am Port Rìgh.

Tha an Coròna-bhìoras air sgapadh gu mòr am measg luchd-còmhnaidh agus luchd-obrach a' ghoireis - a th' air a ruith leis a' chompanaidh HC-One.

Thòisich Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim oidhip laghail an t-seachdainn seo airson cead-ruith an ionaid a thoirt bhuapa, às dèidh dhaibh draghan mòra a nochdadh mu ìre a' chùraim.

Thadhail luchd-sgrùdaidh air an àite Dimàirt gun rabhadh a thoirt seachad ro-làimhe.

Thuirt HC-One gu bheil iad a' dèanamh nas urrainn dhaibh, taic a chumail ri teaghlaichean a chaill luchd-dàimh.

Tha NHS na Gàidhealtachd a-nis an sàs gu ìre mhòir le bhith a' ruith Home Farm.