Gnothachasan dùthchail 'misneachail'
- Air fhoillseachadh

Tha còrr is 90% de gnnothachasan dùthchail misneachail gun tèid aca air fosgladh às ùr gu sàbhailte is le astarachadh sòisealta, a rèir sgrùdaidh ùir.
Dh'innis a' bhuidheann Oighreachdan is Fearann na h-Alba, a tha a' riochdachadh uachdaran agus gnothachasan dùthchail, gun do bhruidhinn iad ri 250 companaidh.
Bha a' mhòr-chuid aca den bheachd gun urrainn dhaibh tòiseachadh às ùr nuair a bhios atharrachadh a' tighinn air riaghailtean a' Choròna-bhìorais.
Dh'innis 56% gu bheil iad misneachail gum bi e comasach dhaibh na seirbheisean aca air fad a thoirt seachad gu sàbhailte agus le astarachadh sòisealta ga chur an sàs.
Bha 36% misneachail gun tèid aca air pàirt co-dhiù den obair aca a thòiseachadh às ùr.
"Dùbhlan"
'S iad feadhainn a tha an sàs ann an gnìomhachasan a' bhìdh, na dibhe is na h-aoigheachd nach robh cho dòchasach gum bi e comasach dhaibh gach seirbheis a thoirt seachad.
Thuirt Oighreachdan is Fearann na h-Alba gu bheil iad ag obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba is na buidhnean-iomairt air plana gus an eaconomaidh dùthchail a thòiseachadh.
"'S e sàbhailteachd luchd-obrach, luchd-tadhail agus na coimhearsnachdan againn san fharsaingeachd an rud as cudromaiche a th' ann dha na buill againn", thuirt Ard Stiùiriche Oighreachdan is Fearann na h-Alba, Sarah-Jane Laing.
"Tha iad misneachail gun urrainn dhaibh seirbheisean a thoirt seachad gu sàbhailte agus 's e fìor dheagh naidheachd a tha sin.
"Bidh dùbhlan ann ge-tà le astarachadh sòisealta a' leantainn. Eadar sin is mì-chinnt mu Bhrexit, dh'fhaodadh obraichean a bhith ann an cunnart.
"Tha sinn a' cur fàilte air sgeamaichean taice, ach tha feum cuideachd air plana mionaideach 'son an eaconomaidh dùthchail, agus taic leantainneach", thuirt i.