Leasachadh turasachd san amharc an Sgìre na h-Àirde
- Air fhoillseachadh

Oighreachd Chaisteal Dhùnaidh.
Chaidh planaichean a chur air adhart 'son goireasan ùra do luchd-turais a stèidheachadh faisg air a' Mhanachainn.
'S i Anne Gloag, leis a bheil a' chompanaidh bhusaichean Stagecoach, a tha air cùl nam planaichean, taobh a-muigh.
'S ann leatha a tha Oighreachd Chaisteal Dhùnaidh.
Tha i a' sireadh cead bho Chomhairle na Gàidhealtachd airson 50 bothan fiodha a thogail, làrach glampachaidh, agus cafaidh.
Iarrtas
Thuirt a' bhuidheann Savills, a tha a' làimseachadh na cùis às leth Anne Gloag, gu bheil barrachd is barrachd dhaoine air a bhith a' tadhal air a' Mhanachainn is sgìre na h-Àirde.
Thog iad gu sònraichte air fàs na slighe rathaid NC500.
Thuirt iad gu bheil feum air barrachd àiteachan-fuirich, agus gun tigeadh buannachdan eaconomach dhan sgìre san fharsaingeachd às an leasachadh a tha seo.
Dh'fhailich roimhe le oidhirp cead-dealbhachaidh fhaighinn 'son leasachaidh ghoilf air Oighreachd Chaisteal Dhùnaidh.