Rannsachadh san amharc air roinn a' chùraim

  • Air fhoillseachadh
Home Farm

Thuirt Rùnaire Slàinte na h-Alba gum bu chòir ath-sgrùdadh a dhol air adhart air roinn cùraim na dùthcha.

Bha Jeane Freeman a' bruidhinn is dearbhadh air tighinn bho Phoileas Alba gu bheil iad a' rannsachadh bàs thriùir aig dachaigh-cùraim Home Farm anns an Eilean Sgitheanach.

Dh'innis na poilis gu bheil iad a' rannsachadh bàs thriùir bhoireannach - aois 84, 86 is 88 - san dachaigh.

Chaochail deichnear ann an Home Form leis a' Choròna-bhìoras agus suas ri 60 cùis den ghalar ann.

An t-seachdain seo chaidh, cho-dhùin Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis Home Farm fhàgail aig a' chompanaidh HC-One aig an ìre seo.

Thèid coimhead ris a' chùis a-rithist air an 10mh là den àth-mhìos is sgrùdadh a' dol air adhart gu cunbhalach air an dachaigh.

Leasachaidhean

Thuirt HC-One gu bheil iad ag aithneachadh gun robh leasachaidhean a dhìth is thabhainn iad leisgeul air an luchd-còmhnaidh, an teaghlaichean, agus a' choimhearsnachd.

Thuirt iad gun dèan iad co-obrachadh le rannsachadh sam bith a bhios ann.

A' bruidhinn às dèidh dhan naidheachd mu rannsachadh nam poileas nochdadh, thuirt Jeane Freeman gu bheil ise ag iarraidh rannsachaidh air roinn a' chùraim gu nàiseanta.

"Feumaidh sinn sùil a thoirt air mar a tha cùram ga thoirt seachad", thuirt Jeane Freeman.

"A bheil am measgachadh a th' againn - eadar cùram sòisealta is dachaighean-cùraim, eadar companaidhean prìbhideach is feadhainn nach eil ag obair 'son prothaid, buidhnean cathrannais agus buidhnean poblach - an e sin an dòigh as fheàrr a th' ann a' gluasad air adhart.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e gu tur iomchaidh gun dèan sinn ath-sgrùdadh air sin", thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo