Comhairle nan Eilean Siar: Càball sa bhad
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Riaghaltas Westminster aontachadh càball dealain a chur eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr sa bhad.
Thuirt a' Chomhairle gu bheil an Riaghaltas air a dhèanamh follaiseach gu bheil feum air planaichean a chuireas spionnadh san eaconomaidh aig àm nuair a tha staing a' Choròna-bhìorais air milleadh a dhèanamh.
Thuirt iad cuideachd gu bheil an Riaghaltas airson cumachd ath-nuadhachail a leasachadh.
Dh'innis Cathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar, an Comh. Dòmhnall Crichton, gu bheil dòigh shìmplidh ann na h-amasan seo a thoirt gu buil anns na h-Eileanan.
Buannachdan
Thuirt e le càball gun rachadh pròiseactan ath-nuadhachail gu leòr air adhart anns na h-Eileanan.
"Sa chiad àite, tha e a' dol a chur billeanan de notaichean a-steach dhan eaconomaidh," thuirt an Comh. Crichton.
"San dàrna àite tha e a' dol a chruthachadh obraichean - na ceudan de dh'obraichean - agus tha e a' dol a chur ris na targaidean uaine airson toirt eimiseanan sìos.
"'S e sin trì argamaidean làidir a tha sinn a' cur ris an Riaghaltas aig an àm a tha seo," thuirt e.