Mìneachadh bho Iain Stiùbhart
- Air fhoillseachadh

Tha seann cheannard Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd air litir fhosgailte a sgaoileadh gu muinntir Arcaibh is cuid air fàgail air gun do bhrist e riaghailtean glasaidh a' Choròna-bhìorais.
Dh'fhàg Iain Stiùbhart NHS na Gàidhealtachd aig toiseach na bliadhna 'son a dhol na Àrd Stiùiriche air NHS Arcaibh.
Nochd connspaid an t-seachdain seo chaidh ge-tà, nuair a thàinig e am bàrr gu bheil e air a bhith tric a' siubhal eadar Arcaibh is a dhachaigh san Eilean Dubh anns na seachdainean mu dheireadh.
Thog BPA Arcaibh, Liam MacArtair, dragh is e a' ceasnachadh dè cho ciallach 's a bha co-dhùnadh Mhgr Stiùbhairt a bhith a' siubhal dhachaidh gach seachdain.
Ann an litir fhosgailte, thuirt Iain Stiùbhart, a bhoinneas do Steòrnabhagh bho thùs, gu bheil e mothachail gu bheil connspaid air a bhith ann is gun robh e 'son cùisean a shoillearachadh.
Reusanta
Dh'innis e gu bheil e air siubhal dhan Eilean Dubh "corra uair" bhon Mhàrt "ach dìreach nuair a bha mo theaghlach feumach orm".
Thuirt e gun do rinn e seo le cead NHS Arcaibh is nach b'urrainn do bhòrd-slàinte eileanach an obair aca a dhèanamh gun luchd-obrach a bhith a' tighinn is a' falbh às an eilean.
Dh'innis e cuideachd gu bheil NHS Arcaibh is Riaghaltas na h-Alba riaraichte gun robh na rinn e reusanta agus laghail.
Thuirt Mgr Stiùbhart cuideachd gun robh e mothachail air fathanan gun robh a theaghlach air a bhith a' tadhal air ann an Arcaibh.
Chaidh e às àicheadh seo, is e ag ràdh gu bheil a nighean a' trèanadh a bhith na nurs is gun tàinig i a dh'Arcaibh airson cuideachadh le staing a' Choròna-bhìorais.
Thabhainn Mgr Stiùbhart leisgeul ge-tà, a thaobh "oilbheum sam bith a dh'fhaodadh a bhith ann", is thuirt e gu bheil e gu mòr airson suidheachadh NHS Arcaibh a leasachadh san àm ri teachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An Cèitean 2020
