Naidheachdan 11:00m

Nì àrd-bhuill phàrlamaid ceasnachadh air a' Phrìomhaire, Boris Johnson, mun dòigh anns do làimhsich e èiginn a' Choròna-bhìorais. Tha làn dùil gun tèid a cheasnachadh cuideachd mun àrd-chomhairleach aige, Dominic Cummings, a shiubhail eadar Lunnainn agus Durham aig àirde an lockdown. Tha còrr 's 35 de na buill-phàrlamaid Tòraidheach ag iarraidh air Mgr Cummings falbh neo a dhreuchd a chall ach tha ministearan an Riaghaltais ag ràdh gu bheil an t-àm ann gluasad air adhart. Agus thuirt an Riaghaltas an-diugh nach dèan iad ath-sgrùdadh air càin a chaidh ron seo air feadhainn a rinn tursan mar a rinn Mgr Cummings, rud a bha Rùnaire na Slàinte, Matt Hancock, a' moladh an-dè.

Thuirt rannsachadh dhan BhBC ann an Alba gu bheil dragh air mòran daoine mun eaconamaidh airson a' chiad ghreis an dèidh an lockdown. Thuirt a' mhòr-chùid gu seachainn iad taighean-bìdh agus taighean-seinnse agus àiteachan eile far am bi sluagh a' cruinneachadh.

Tha e coltach gum faodadh Comhairle nan Eilean Siar iarraidh air tidsearan a tha air an dreuchd a leigeil dhiubh tilleadh a thoirt cuideachadh do sgoiltean cumail ri riaghailtean a' Choròna-bhìorais a thaobh slàinte agus sàbhailteachd. Tha oifigich ag amas air nas lugha anns gach seòmar agus tha e coltach gum bi clann a' dol gu sgoiltean aig diofar amannan den là gus nach bi cus dhiubh ann aig an aon àm.

Loisg poilis ann am baile Minneapolis anns na Stàitean Aonaichte le peilearan rubair agus gas air sluagh a bha a' togail fianais mu bhàs duine dubh a bha an grèim aig poilis Diluain. Tha dealbhan bhideo a' sealltainn oifigear poilis le ghlùin air sgòrnan an duine a bha ag ràdh uair an dèidh uair nach b' urrainn dha anail a tharraing.

Tha mìltean de dhaoine air sràidean Hong Kong a-rithist, a' toirt an aghaidh air na poilis agus iad a' gearain air laghan tèarainteachd ùra a tha Sìona a' sparradh orra. Chuir poilis an grèim na h-uimhir den luchd-iomairt.