107 air bàs fhaighinn le Covid-19 air a' Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Coròna-bhìoras

Dh'èirich an àireamh de dhaoine a chaochail le Covid-19 ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd gu 107, a rèir nam figearan às ùire, taobh a-muigh bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba.

'S e seo na figearan far a bheil iomradh air Covid-19 air clàr a' bhàis.

Tha na h-àireamhan seo airson na seachdain a chrìochnaich air an 24mh den Chèitean.

B' e àrdachadh de 4 a bh' ann ann an seachdain ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd.

Bha 58 bàs ann an ospadalan, 35 ann an dachaighean-cùraim, is 14 aig an taigh.

Nàiseanta

A rèir sgìrean comhairle, tha 61 bàs air a bhith ann an Earra-Ghàidheal is Bòd is 46 air a' Ghàidhealtachd.

Chan eil duine air bàsachadh le Covid-19 anns na h-Eileanan an Iar.

Sheall na figearan gu nàiseanta gun do chaochail 230 duine ann an Alba leis a' Choròna-bhìoras san t-seachdain mu dheireadh, sìos 105 air an t-seachdain ron sin.

Bha 3,779 bàs ann uile gu lèir far an robh iomradh air Covid-19 air clàr a' bhàis bho thòisich an galar a' sgapadh.

'S e seo an ceathramh seachdain ann an sreath nuair a bha àireamh nas lugha ann.