Às aonais gàrradh
Chan eil teagamh nach eil iomadach duine air feadh na dùthcha air a bhith gu math taingeil airson nan gàrraidhean aca tro sheachdainnean a lockdown. Ach tha gu leòr nach eil cho fortanach.
A rèir Oifis nan Staitisg Nàiseanta chan eil gàrradh aig aon às gach seachd dachaigh ann an Alba, sin gàrradh phrìobhaideach neo fear air a roinn eadar nàbaidhean.
Tha Annabel Nic'Illinneinn air a bhith a' rannsachadh mar a tha cùisean air a bhith coltach dhaibh-san aig nach eil gàrradh.