Naidheachdan 11:00m
Lockdown a' Choròna-Bhìorais
Tha ceumannan eile an-diugh ann an togail riaghailtean an lockdown air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Tha ceudan mhìltean chloinne air tilleadh dhan bhun-sgoil ann an Sasainn. Tha feadhainn de na seirbheisean adhair a' toiseachadh às ùr ann an Alba. Nam measg, tha seirbheisean aig Loganair às Obair Dheathain gu ruige Birmingham agus Newcastle. Agus tha cead bho'n diugh aig diofar dhachannan anns a' Chuimrigh coinneachadh a-muigh cho fad 's gun cùm iad astar eadar iad mar bu chòir.
Tha dragh ann an Sasainn gu bheil an lockdown ga thogail ro luath agus thuirt Àrd-Oifigeach Nursaidh Riaghaltas na h-Alba gu bheil dragh oirre-se mu aithrisean air daoine a' bristeadh nan riaghailtean ann an Alba air an deireadh-sheachdain. Thuirt Fiona NicCuidhein gu bheil bristeadh riaghailtean a' choròna-bhìorais a' cur beatha ann an cunnart.
Tha NHS na Gàidhealtachd a' tòiseachadh air obair-lannsa a-rithist air an deach dàil le èiginn a' choròna-bhìorais. Tha a' mhòr-chuid den obair-lannsa aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis ach tha clionaig ann cuideachd aig ospadail eile mar Ospadal Ghallaibh ann an Inbhir Ùige agus am bòrd slàinte ag ràdh gun do sheachainn iad an seòrsa cudrom a chuir Covid-19 air seirbhisean slàinte ann an sgìrean eile.
Bha tuilleadh aimhreit ann am bailtean air feadh nan Stàitean Aonaichte a-raoir a dh'aindheoin curfew agus sluagh mòr a-muigh air na sràidean a' gearain mu bhàs Sheòrais Lloyd, an duine dubh a chaochail agus e an greim aig poileas ann am Minnesota an t-seachdain seo chaidh. Loisg poileas peilearan rubair agus gas air feadhainn a bha aig aimhreit ann an New York, Chicago, Philadelphia agus Los Angeles.
Tha dùil ri fear a tha 23 sa chùirt ann an Inbhir Nis an-diugh fo chasaid gun do mhuirt e dithis ann an sgìre Bhaile Chnuic sa bhaile an t-seachdain 's a chaidh. Chaidh ionnsaigh a thoirt air Dwayne MacLeay a bha 28, agus Gary MacAoidh a bha 35, ann an taigh air Rathad Bhaile an Lòin ann an Inbhir Nis oidhche Dhiardaoin.
Tha cuairt eile de chòmhraidhean malairt Bhrexit a' tòiseachadh anns a' Bhruiseal an-diugh eadar àrd-bharaganaiche na Rìoghachd Aonaichte, Daibhidh Frost, agus riochdaire an EU, Michel Barnier. Thàinig rabhadh bho Mhgr Barnier air an deireadh-sheachdain nach bi aonta idir ann mura cùm Riaghaltas Bhreatainn ris na gheall iad dhan Choimisean Eòrpach an-uiridh.