Cha bhi soithichean mòra an Inbhir Ghòrdain gu co-dhiù an Lùnastal.

  • Air fhoillseachadh
Soitheach luchd-turais ann an Inbhir Ghòrdain
Fo-thiotal an deilbh,

Tha seallaidhean leithid seo mar is tric gu math bitheanta an an Inbhir Ghòrdain.

Chan fhaicear soithichean mòra luchd-turais ann an Inbhir Ghòrdain gu co-dhiù an Lùnastal.

Nuair a chaidh bacaidhean a' Choròna-bhìorais a chur an sàs an toiseach bha Ùghdarras Chaladh Linne Chromba an dòchas gun deadh aca air an seasan aca a thòiseachadh an t-seachdainn a chaidh.

Ach thuirt an t-ùghdarras leis gu bheil mì-chinnt ann fhathast mu Chovid-19 tha ath-sgrùdadh ga dhèanamh fad an t-siubhail air cuin a bhios e comasach soithichean fhaighinn air ais dhan phort.

Chaidh tursan grunn shoithichean a chur dheth agus cha bhi gin a shoithichean a' tadhail air a' chaladh san Ògmhìos no san Iuchar.