Còmhraidhean mu leudachadh sheirbheisean ChalMac

Tha Caledonian Mac a' Bhruthainn air còmhraidhean a thòiseachadh leis an riaghaltas is ùghdarrasan ionadail mu leudachadh na seirbhisean a tha iad a' tabhann bhon ath mhìos.

Thuirt ceannard na companaidh, Robbie Druimeanach, gun robh iad an dòchas clàr-ama coltach ris na bhitheas iad mar as tric a' tabhann sa Gheamhradh a thòiseachadh an ceann trì neo ceithir seachdainean.

Bidh e fhathast an urra ri riaghaltas na h-Alba ge-tà cò aig a bhitheas cead airson siubhail.