Am Mòd Nàiseanta Bhiortail

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal,

Àrd-Oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich

'S e Mòd Nàiseanta Rìoghail bhiortail air-loidhne a bhios ann am-bliadhna an dèidh dhan Choròna-bhìoras cur às dhan chruinneachadh àbhaisteach a bha gu bhith ann an Inbhir Nis san Dàmhair.

Tha an Comunn Gàidhealach a’ cur fàilte air clàraidhean bho dhaoine a’ seinn, ri bàrdachd, a’ cluich ionnstramaidean ciùil is eile.

"Chan ann a' feuchainn ri Mòd Nàiseanta Rìoghail àbhaisteach a tharraing ri chèile a tha seo," thuirt Àrd-Oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Seumas Greumach.

"'S e a tha seo ach dreach air-loidhne de Mhòd Nàiseanta, a tha a' toirt cothrom do dhaoine pàirt a ghabhail ann fhathast.

"Mar a tha sinn a' faicinn air-loidhne an-dràsta daoine agus buidhnean a bhith cho cruthachail, tha sinn dìreach beò an-dràsta ann an saoghal air-loidhne, 's tha mi a' smaoinich gun obraich seo glè mhath do dhaoine.

"'S e a tha sinn ag iarraidh faicinn bho dhaoine ach clàraidhean no bhideothan air an dèanamh air an cuid fònaichean-làimhe no inneal coltach ris, agus an cur a-steach thugainn," thuirt e.

Iomall

'S e an 31mh là den Iuchar an ceann-là airson clàran a chur a-steach.

A thuilleadh air farpaisean tha tachartasan eile gu bhith an lùib a' Mhòid a tha seo.

"Dìreach mar a gheibheadh tu aig Mòd sam bith eile, tha sinn a' feuchainn ri iomall air choireigin a chruthachadh a bhios a' ruith còmhla ris na rudan seo a bhios air an taisbeanadh anns an Damhair," thuirt Mgr Greumach.

"Tha sinn ag obair air sin fhathast, ach tha Alasdair MacIlleBhàin am beachd tachartasan a dhèanamh a thaobh ainmean-àite is eile, agus cuideachd tha sinn a' bruidhinn ri Bàrd a' Chomuinn, 's i sin Sandy NicDhòmhnaill Jones, agus ise am beachd tachartas no dhà a dhèanamh còmhla rinn cuideachd," thuirt e.

Gheibhear fiosrachadh air làrach-lìn a' Chomuinn Ghàidhealaich., taobh a-muigh