Fiolm a rinneadh an Uibhist ga thaghadh airson Fèis Cannes 2020

  • Air fhoillseachadh
Fiolmadh ann an Uibhist

Tha am fiolm 'Limbo', a rinneadh ann an Uibhist ann an 2018, air a gheàrr-liosta airson Fèis Eadar-nàiseanta Cannes 2020.

'S e seo an dàrna fiolm aig an stiùiriche Ben Sharrack, 's e a' toirt sùil air buidhinn de dh'fhògarraich Sirianach a tha a' sireadh comraich an Alba.

Ged nach eil an fhèis a' dol air adhart mar is àbhaist am bliadhna air sgàth buaidh a' Choròna-bhìorais, bidh fèis air-loidhne, Marché du Film, a' tòiseachadh air 22mh dhen Ògmhìos.

Dùbhlan

Tha Amir El-Masry a' cluich a' charactair Omar anns an fhiolm agus còmhla ri charaidean, Farhad (Vikash Bhai), Wasef (Ola Orebiyi) agus Abedi (Kwabena Ansah), tha iad a' feuchain ri rudan ionnsachadh mu chultar Bhreatainn fhad 's a tha iad a' feitheamh fhreagairt bhon riaghaltas mu am bi e ceadaichte dhaibh fuireach.

Thuirt Scottish Screen gur e fiolm èibhinn agus tiamhaidh a th'ann.

"Tha e a' coimhead air diofar chultaran ann an dòigh gu math geur agus, aig a' cheart àm, a' sealltainn nan dùbhlan agus an dòchais a th' aig luchd-siridh comraich" thuirt iad.

Chaidh Limbo fhiolmadh ann an Uibhist tron Gheamhradh ann an 2018 a' cleachdadh chleasaichean proifeiseanta, agus daoine à Uibhist cuideachd.

An aimsir

Thuirt an riochdaire, Irune Gurtubai, gun robh cruth na tìre an Uibhist a' cur ris an fhiolm ach gun robh an droch shìde na dhùbhlan dhaibh, gu h-àraidh na gèiltean.

"Bha amannan ann an Uibhist, bha e do-dhèanta sian a dhèanamh leis cho dona 's a bha an aimsir, ach a-nise tha sinn a' faireachdainn gun e rud luachmhor a bh' ann.

"Tha sinn moiteil a thaobh nan cleasaichean, a' chriutha agus an taic a fhuair sinn airson am fiolm a dhèanamh," thuirt i.

Thug Scottish Screen £500,000 seachad airson comas a thoirt dhaibh am fiolmadh air fad a dhèanamh ann an Uibhist.