Crìochan Eòrpach a' fosgladh
Tha cuid de dhùthchannan Eòrpach a' fosgladh an cuid chrìochan an-diugh airson a' chiad turas bho thòisich an Lockdown aig toiseach a' Mhàirt.
Tha seo a' tighinn agus mòran dhùthchannan cuideachd a' lagachadh nan riaghailtean cuingealachaidh aca, air rudan leithid bhùithtean agus sgoiltean.
Ach, chan eil e gu bhith furasta do luchd-siubhail an slighe a dhèanamh chun na Rìoghachd Aonaichte, agus aca ri cola-deug a chur seachad ann an cuarantain mus faod iad càil eile a dhèanamh an seo.
Le tuilleadh, seo Anndra MacFhionghain.