Buill gus bhòtadh air Bile nam Beathaichean is an Fhiadh-Bheatha

  • Air fhoillseachadh
Gearr bhànTùs an deilbh, Getty Images

Bhòtaidh buill na Pàrlamaid Albannaich Diciadain air bile a dhèanadh e nas fhasa casaidean a thogail an aghaidh dhaoine a tha ri eucoir fiadh-bheatha.

Bheireadh am bile cuideachd cumhachd dha na cùirtean binn prìosain nas fhaide a chur air daoine a th' air an dìteadh 'son a lethid de dh'eucoirean.

'S e seo an ìre mu dheireadh fo am beachdaich buill aig Holyrood air Bile nam Beathaichean agus an Fhiadh-Bheatha.

Thogadh i air reachdas a th' ann mar-thà airson barrachd ùine a thoirt dha na h-ùghdarrasan casaidean a thogail airson eucoirean fiadh-bheatha.

Bhiodh i cuideachd a' ciallachadh gun deadh càintean nas motha agus binn nas fhaide a chur air daoine a th' air am faighinn ciontach.

Cumhachdan

Dheadh cuideachd barrachd chumhachdan a thoirt do luchd-sgrùdaidh agus constabalan gus dèilgeadh ri cùisean far a bheil dragh ann mu shlàinte bheathaichean.

Air thoiseach air an deasbad mun bhile, dh'ainmich Ministear nan Cùisean Dùthchail, Màiri Gougeon, gun rannsaich Riaghaltas na h-Alba cho èifeachdach 's a bhiodh e trèanadh co-fhaireachdainn a thoirt do dh'eucoirich.

Chaidh 64 atharrachadh air a' bhile a chur air adhart.

Nam measg dh'iarr am Pàrtaidh Uaine gun tèid dìon oifigeil a chur air a' gheàrr bhàn.