Sgiobaidhean ùra aig tuath
- Air fhoillseachadh

Dhearbh Comann Ball-Coise Chailleanach a Chinn a Tuath gu bheil trì sgiobaidhean ùra air ballrachd fhaighinn.
'S iad sin Loch Nis (a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis), Nairn County 'A', is Sgobhairigh.
Dh'innis United Alanais cuideachd gun till iadsan gu farpais.
A bharrachd air sin, dhearbh a Chomainn gum bi structar ùr aca 'son 2020/01 a-mhàin.
Clàr-ama
Fon t-structar seo, bidh dà lìog ann.
Thuirt iad gu bheil seo a' fàgail barrachd roghainnean aca a rèir 's cùine a thòisicheas an t-seusan.
Thuirt iad gur dòcha gun tèid farpaisean chupa air adhart ma thèid an lìog a chrìochnachadh nas tràithe na tha dùil.
Tha Sgioba Leòdhais is na Hearadh tric air cluich anns na cupanan aig Comann Ball-Coise Chailleanach a Chinn a Tuath.
Tha na lìogaichean mar a leanas:
Roinn 1
Goillspidh, Hàcraig, Inbhir Ghòrdain, Arcaibh, St. Duthus, Inbhir Theòrsa.
Roinn 2
Alanais, Drochaid a' Bhanna, Bun Ilidh, Athletic Inbhir Nis, Loch Nis, Nairn County A, Sgobhairigh.
Tillidh an Comann gu aon lìog airson 2021/22.