Làraich Urras Nàiseanta na h-Alba a' fosgladh a-rithist
- Air fhoillseachadh

Fosglaidh cuid de na làraich aig Urras Nàiseanta na h-Alba bhon 6mh den Iuchair.
Bidh làrach Bhlàr Chùil Lodair, Caisteal Bhrothaidh, agus Gàrraidhean Inbhir Iùbh am measg an fheadhainn a bhios a' cur fàilte air luchd-tadhail.
Thuirt NTS gu bheil iad ag iarraidh air daoine cumail ri na riaghailtean a thaobh astrachadh sòisealta, agus mas urrainn nach bu chòir siubhal barrachd na còig mìle bho na dachaighean aca.
Call £28m
Tha iad ag iarraidh cuideachd nach bi a h-uile duine a' tighinn aig an aon àm 's mar sin bu chòir sùil a thoirt air an làrach-lin, taobh a-muigh aca a thaobh amannan fosglaidh aig na diofar ionadan.
A-rèir an Urrais, tha iad air £28m a chall air sgàth buaidh a' choròna-bhìorais.
Tha'd mar sin air dàil a chur air cuid de na h-ionadan aca fosgladh a-rithist agus tha cunnart ann gun caill 429 an cosnadh.
Chur iad air dòigh iomairt Save our Scotland 's iad a' feuchainn ri £2.5m a thogail airson cuid de na pròiseactan airson dìon a chur air togalaichean eachdraidheil a chumail a' dol.
Thèid cuid de chaistealan, taighean is ionadan turasachd fhosgladh a-rithist san Lùnastal.