Eaconomaidh ionadail nan Eilean Siar ri neartachadh
- Air fhoillseachadh

Comhairle nan Eilean Siar
Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar plana eaconomach 'son faighinn thairis air buaidh Chovid-19.
Tha prìomhachas ann do chumhachd ath-nuadhachail, bun-structar didseatach agus margaidhean is seirbheisean ionadail.
B' ann an co-bhann le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a chruthaich a' Chomhairle am plana.
Thathas gu h-àraid a' comharrachadh nam buannachdan a tha an cois chumhachd ath-nuadhachail mar dheatamach ma tha eaconomaidh nan Eilean Siar gu bhith buan.
Sèinichean Solair
Thèid fòram eaconomach a chruthachadh cuideachd, gus na molaidhean a tha sa phlana a chur an gnìomh.
"Tha tòrr den stuth a tha sa phlana, tha sinn an dèis a bhith an sàs ann gu seo," thuirt Stiùiriche Choimhearsneachdan na Comhairle, Calum Iain MacÌomhair,.
"Tha sinn ag iarraidh na h-oidhirpean sin ath-bheothachadh, 's tha sinn ag iarraidh coimhearsnachdan, cumhachd uaine agus gnothaichean didseatach ath-bheothachadh.
"So tha tòrr ghnìomhan againn sa phlana airson feuchainn ri buaidh a thoirt air na rudan a tha seo.
"Tha fhios againn leis a' ghalar a tha air ar beulaibh an-dràsta, gu bheil e a' toirt buille chruaidh dhan eaconomaidh, agus feumaidh sinn dòighean ùra agus oidhirpean ùra airson an eaconomaidh ionadail ath-nuadhachadh anns na mìosan 's na bliadhnaichean a tha romhainn," thuirt e.
Am measg nam planaichean tha amas gum bi bathair ionadail ga reic gu h-ionadail, agus duilgheadasan air a bhith ann le bhith a' faighinn stuth bho fhada air falbh ri linn a' bhìorais.
"Aon rud a chunnaic sinn nuair a bhuail an galar, 's e gun robh na sèinichean solair, (supply chains) a' briseadh sìos ann an dòighean," thuirt Mgr MacÌomhair.
"Mar sin dheth, tha sinn a' faicinn gu bheil e riatanach dhuinn feuchainn ris na comasan a th' anns gach eilean agus anns gach coimhearsnachd a neartachadh.
Airgead
"Mar sin tha sinn ag iarraidh faicinn a bheil dòighean ùra ann 'son bathair a chruthachadh, 'son stuthan a chruthachadh, 'son biadh a chruthachadh mar eisimpleir, anns na coimhearsnachdan, agus nach eil feum air na sèinichean solair cho treun 's a bha anns na bliadhnaichean a chaidh seachad.
"Na còmhraidhean a tha an dèis a bhith againn le coimhearsnachdan, tha a' choimhearsnachd fhèin a' faicinn dhòighean anns am b' urrainn seo a bhith air a dhèanamh.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na coimhearsnachdan fhèin a' dol a sheasamh nas làidire 's a' dol a dhèanamh tòrr a bharrachd.
"Ach gun teagamh, feumaidh airgead ùr agus feumaidh maoineachadh ùr a thighinn.
"Tha sinn a' bruidhinn ris an Riaghaltas ann an Dùn Èideann agus ris an Riaghaltas ann an Lunnainn 'son faicinn dè na dòighean as fheàrr airson sin a dhèanamh.
"Tha sinn ag iarraidh fòram eaconomach a chur air dòigh airson nan Eilean Siar air fad cuideachd - ach cuideachd airson gach eilein.
"So tha sinn an dèis a bhith a' bruidhinn ris a' choimhearsnachd ann am Barraigh, Uibhist agus na Hearadh airson faicinn dè an dòigh as fheàrr airson sin a dhèanamh," thuirt e.