Naidheachdan 11:00m
Thuirt Rùnaire na Turasachd, Fearghas Ewing, gur e sin an gnìomhachas as motha a dh'fhulaing buaidh Chovid-19. Bha Mgr Ewing a' toirt fianais an-diugh do chomataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba a tha a' rannsachadh buil a' bhìorais air an eaconomaidh. Thuirt e gu bheil an Riaghaltas a' dèanamh na 's urrainn dhaibh do thurasachd eadar taic-airgid agus buidheann ghnìomha a bhios a' coinneachadh airson a' chiad uair feasgar an-diugh.
Chuir Riaghaltas na h-Alba iarrtas foirmeil gu Westminster ag iarraidh tuilleadh smachd air ionmhas airson dèiligeadh ri èiginn a' Choròna-bhìorais. Tha Rùnaire an Ionmhais, Ceit Fhoirbeis, ag iarraidh cead airson ùine airgead a ghluasad bhon Bhuidseat Chalpa gu Cosgaisean Làitheil, agus cead cuideachd suas ri £500m a ghabhail air iasad.
Chuir Covid-19 barrachd cosgais a rèir àireamh an t-sluaigh air Comhairle na Gàidhealtachd na air ùghdarras ionadail eile anns an Rìoghachd Aonaichte, a rèir rannsachaidh a' BhBC. Thig a' chosgais air a' Chomhairle, tha e coltach gu faisg air £99m agus chan eil ach trì comhairlean eile ann am Breatainn air fad air am bi suim nas motha na sin. Tha sin £411 mu choinneimh gach duine ann an sgìre na Comhairle.
Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar plana eaconomach airson faighinn seachad air buaidh a' bhìorais. Tha am plana stèidhichte air cumhachd ath-nuadhachail, bun-structar didseatach agus margaidhean is seirbheisean ionadail. Thuirt Ceannard na Comhairle, Roddy MacAoidh, gur e cothrom a th' ann ùrachadh a thoirt air eaconomaidh nan eilean.
Tha am Post Rìoghail am beachd 2,000 dreuchd a ghearradh am measg mhanaidsearan mar phàirt de phlana airson £130m a shàbhaladh. Thuirt a' chompanaidh gun tug iad ro fhada a' mothachadh agus a' dèiligeadh ri gluasad anns an t-seirbheis bho nas lugha litrichean gu mòran a bharrachd pharsailean.
Thèid aithisg gu Neach-Casaid a' Chrùin mu bhàs balaich 10 bliadhna de dh'aois ann an Loch Lùbnaig faisg air Calasraid ann an Siorrachd Shruighlea an-dè. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm mu 5:30f an dèidh aithris gun robh leanabh ann an trioblaid anns an uisge. Thuirt na Poilis nach eil dad amharasach mun chùis.
Thòisich rannsachadh an dèidh do shoitheach bathair grunnachadh aig beul chala Obar Dheathain anns a' mhadainn an-diugh. Bha an MV Arrow aig a' chompanaidh Northlink faisg air deireadh a slighe à Lèaruig ann an Sealtainn. Thug bàtaichean-slaodaidh an soitheach dhan chidhe.