Rathad Rèinigeadail dùinte

  • Air fhoillseachadh
TuilteanTùs an deilbh, Coinneach MacAscaill
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an t-uisge a' sruthadh sìos a' bheinn.

Tha rathad Rèinigeadail sna Hearadh dùinte an dèidh do dh'earrann dheth tuiteam air falbh san uisge trom a bh' ann oidhche Ardaoin.

Tha an rathad dùinte an dèidh ceann-rathaid Mhàruig, 's chan eil slighe eile ann.

TuilteanTùs an deilbh, Coinneach MacAscaill
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an tuil cho dona 's gun deach an rathad a sguabadh air falbh ann an aon àite

Tha luchd-obrach Comhairle nan Eilean Siar a' dèanamh measaidh air an t-suidheachadh, ach tha dùil gun toir e làithean an rathad a chàradh.

Thathas a' coimhead ri dòighean air faochadh a thoirt do mhuinntir a' bhaile, aig nach eil ceangal eile ris a' chòrr den eilean.

Aig a' cheart àm dh'innis Creagorry Motors ann am Beinn nam Fadhla cuideachd gun deach milleadh a dhèanamh air an router aca aig Stèisean Peatroil Crossroads 's mar sin tha e dùinte an-dràsta.

DealanaichTùs an deilbh, Katie Walker
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an dealbh seo a thogail ann an Taobh a' Chaolais, Uibhist a Deas a' coimhead a-null a Bharraigh

Dh'fhairich mòran sgìrean air feadh nan eilean agus a' chosta an iar buaidh an dealanaich le Barraigh a' clàradh dusan lasair-dealain taobh a-staigh uair de thìde.

DealanachTùs an deilbh, Fiona Cruikshank
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Fiona Cruikshank a' cumail sùil air an dealanaich ann an Stafainn.

Bha uisge fìor throm aig amannan fhad 's a bha an tàirneanaich is dealanaich a' dol air adhart.

DealanaichTùs an deilbh, Michaela Fairbrother
Fo-thiotal an deilbh,

'S i Michaela Fairbrother a thog an dealbh seo ann an Steòrnabhagh.

Thuirt Oifis na Sìde gu bheil tuilleadh stoirmean air fàire Dihaoine le tàirneanaich, dealanaich agus clachan meallain nam measg.

Tha iad ag ràdh gum faodadh 50mm de dh'uisge tuiteam am broinn uair de thìde.

Tha Rabhadh Buidhe an sàs airson a' mhòr-chuid de Shasainn, Alba agus taobh sear na Cuimrigh bho mheadhan là Dihaoine gu 09:00m Disathairne.