Misneachd às ùr mu na bùithtean

  • Air fhoillseachadh
BùthTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thathas ag iarraidh air daoine còmhdach aodainn a bhith orra nuair a tha iad ann am bùithtean.

Thuirt ceannard na buidhne BID Inbhir Nis gu bheil e air a mhisneachadh is cuid de bhùithtean air fosgladh às ùr.

Bha Inbhir Nis am measg àiteachan far an robh loidhnichean de dhaoine taobh a-muigh cuid de bhùithtean Diluain às dèidh dhaibh a bhith dùinte fad trì mìosan ri linn a' Choròna-bhìorais.

'S e dìreach bùithtean le doras aca far na sràide aig a bheil cead fosgladh aig an ìre seo.

Thathas ag iarraidh air daoine a tha a' dol dha na bùithtean astarachadh sòisealta a leantainn is còmhdach aodainn a bhith orra.

Tha rabhadh ann bho Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gum feum a h-uile duine an cuid fhèin a dheanamh airson àireamhan a' bhìorais a chumail sìos.

Ach thuirt Mike Mac a' Ghobhainn bho BhID Inbhir Nis, a bhios a' feuchainn ri daoine a thàladh gu meadhan a' bhaile, gu bheil na seallaidhean a bh' ann Diluain a' sealltainn mar a tha daoine airson tilleadh dha na bùithtean.

"Iarrtas"

"Tha e ag innse dhuinn gu bheil iarrtas ann", thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn.

"Tha daoine air a bhith foighidneach, ach tha iad an seo a' feitheamh is astarachadh sòisealta ga chur an sàs.

"Tha mi air mo mhisneachadh gu mòr a bhith a' faicinn daoine air ais ann am meadhan a' bhaile", thuirt e.

Ach misneachd ann no às, tha bùithtean cuideachd gu math mothachail mu na dùbhlain a tha romhpa.

"Bha sreath de dhaoine a' feitheamh 'son faighinn a-steach Diluain is bha sin air leth math", thuirt Maggie Blyth, a tha a' ruith bùth aodaich ann an Inbhir Nis.

Cothromachadh

"Tha am plana gnothachais a bh' againn airson na bliadhna seo ge-tà - tha mi air a reubadh às a' chèile.

"Bidh a' mhòr-chuid de dh'àiteachan sìos 50% no 70%.

"Ma thèid againn air na leabhraichean a chothromachadh am-bliadhna bhiodh sin air leth math.

"Chan urrainn dhuinn ach na dorsan fhosgladh is a bhith dòchasach gun tig daoine", thuirt i.

Feumaidh bùithtean a tha a-staigh ann an ionadan bhùithtean feitheamh chun a' 15mh den Iuchar gus am bi cead aca fosgladh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh