Cha mhòr £500,000 dha taighean-dhealbh
- Air fhoillseachadh

Tha Eden Court ann an Inbhir Nis am measg na tha a' faighinn airgid.
Fhuair 24 buidheann a tha an sàs ann an obair thaighean-dhealbh sa choimhearsnachd cha mhòr £500,000 bhon Chrannchur Nàiseanta.
'S ann tro Sgrìn Alba a chaidh na pròiseactan a thaghadh, 's iad ag amas air daoine a bhrosnachadh ann a bhith a' dol a dh'fhaicinn fiolmaichean.
Thèid an t-airgead a chosg air goireasean a dhèanamh nas fheàrr agus nas fhasa do dhaoine sa choimhearsnachd tighinn còmhla 'son fiolm fhaicinn.
Fhuair Phoenix an Òbain còrr is £22,000 agus Eden Court ann an Inbhir Nis còrr is £42,000.
Leudachadh
Thuirt tè-labhairt bho Sgrìn Earra-Ghàidheal, Jen Skinner, gun cur seo ris an obair aca airson goireasan a chur a Bharraigh is Bhatarsaigh, a bharrachd air na h-Eileanan Tarsaing.
Thèid leudachadh air na tha iad a' dèanamh mar thà an Earra-Ghàidheal, thuirt i.
Bidh CineMor 77 a' cleachdadh yurt airson fiolmaichean a shealltainn 's iad a' dol gu diofar fèisean air feadh na dùthcha.
Cultar
Thuirt Rùnaire a' Chultair, Fiona Hyslop, gu bheil taighean-dhealbh a' toirt daoine còmhla, agus a' toirt cothrom do choimhearsnachdan pàirt a ghabhail ann a bhith ag ionnsachadh mu rudan cultaral, eachdraidheil agus an leithid.
"Tha e cudromach ach gu h-àraidh aig an àm seo gu bheil sinn a' cur taic ri buidhnean cultaral air feadh na dùthcha.
Bidh cead aig taighean-dhealbh fosgladh a-rithist air an 15mh Iuchar ach bidh e an urra ri gach àite a bhèil e sàbhailte dhaibh sin a dhèanamh le riaghailtean astrachadh-sòisealta an sàs.