Slighe fhèin do gach eilean?
Chuir mu dhà mhìle gu leth duine an ainm ri ath-chuinge gu Pàrlamaid na h-Alba a tha ag iarraidh gum biodh cothrom aig gach eilean an t-slighe fhèin a ghabhail a-mach à lockdown.
Mar eisimpleir tha a' mhòr-chuid de mhuinntir Cholbhasa ag ràdh nach bu chòir an t-eilean fosgladh do luchd-tadhail fhathast.
Ged 's ann ann an Colbhasa a thoisich an ath-chuinge, tha e coltach gun do chuir daoine ann an iomadach eilean an ainm rithe. Tha ceist ann, ge-ta, cò a dhèanadh co-dhunadh air seo.
Tha an aithris seo aig Andreas Wolff.