Leasachadh na Gàidhlig
Cha bhi coimhearsnachdan Gàidhlig sam bith air fhàgail ann an Alba an ceann deich bliadhna eile mura tèid modail-leasachaidh gu tur ùr a chur an sàs sna sgìrean mu dheireadh far a bheil i ga bruidhinn.
Seo a rèir leabhair ùir 'The Gaelic Crisis in the Vernacular Community' air staid na Gàidhlig a tha stèidhichte air rannsachadh a chaidh a dhèanamh a' sgrùdadh chomasan is cleachdadh na Gàidhlig thar dà bhliadhna - bho 2015 gu 2017 - ann an trì sgìrean fa leth: Tiriodh, Stafainn san Eilean Sgitheanaich, agus na h-Eileanan Siar.
Tha a' cheist mu ciamar a bu chòir a' Ghàidhlig a leasachadh air a bhith ga dheasbad fad bhliadhnachan mòra, agus mar a tha Ruairidh MacIomhair ag aithris, tha an rannsachadh aig Soillse air ath-bheòthachadh a thoirt air an deasbad a tha sin.