A' tadhal air dachannan-cùraim a-nis nas goireasaiche

  • Air fhoillseachadh
Tadhal air luchd-còmhnaidh

Tha dòchas ann gum bi e nas goireasaiche do dhaoine tadhal air càirdean aig dachannan-cùraim sna h-Eileanan Siar an dèidh dha na dachannan uidheamachd ùr fhaighinn a leigeas le daoine coinneachadh gu sàbhailte a-muigh.

Chaidh an uidheamachd, leithid àrnais-gàraidh agus fasgaidhean, a cheannach le airgead bho Urras Coimhearsnachd Tuath-gaoithe Mhuaitheabhail, agus bho mhaoin uàrd chomhairlichean.

"Tha Urrasairean Mhuaitheabhail aonaichte nar miann taic a thabhann gus piseach a thoirt air beatha dhaibhsan a tha fo chùram aig àm cho dùbhlanach agus iomagaineach," thuirt Cathraiche an Urrais, Iain MacÌomhair.

"Le bhith a' tabhainn taic bhon mhaoin, tha sinn an dòchas, ann an dòigh bhig, gum faod an t-airgead a bhith air a chleachdadh gus cur ri càileachd agus cofhurtachd a' chùraim a tha luchd-còmhnaidh a' faighinn.

"Tha sinn an dòchas gu bheil seo na bhuannachd dhaibhsan, agus cuideachd dha na daoine a tha a' toirt dhaibh a' chùraim," thuirt e.

Fasgadh do luchd-còmhnaidh agus tadhail