Cìsean parcaidh a' tilleadh ann an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh
Parking

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum bi cìsean parcaidh a' tilleadh do charbadan ann am meadhan baile Steòrnabhaigh Diluain 20mh den Iuchair.

Chaidh cur às dha na cìsean parcaidh bho chionn mìosan mar thoradh air suidheachadh Covid-19.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil barrachd dhaoine a' cleachdadh na raointean parcaidh anns a' bhaile a-nise.

Thuirt iad gum bi na cìsean a' tilleadh gus am bi àiteachan rim faighinn do dhaoine a tha feumach orra airson ùine ghoirid.