Iseanan iolaire-uisge Loch Abair air an ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh ainmean a thaghadh do thrì iseanan iolaire-uisge ann an Loch Abar às dèidh bhòt air loidhne.
Dh' fhàs na h-iseanan ainmeil leis gu bheil camara anns an nead aca.
Chùm Urras Choilltean na h-Alba bhòt air loidhne airson ainmean fhaighinn dha na h-iseanan, a rugadh ann an coille Loch Airceig tron lockdown.
Dhùin am bhòtadh an raoir airson dà isean fhireann agus aon bhoireann ainmeachadh.
Chaidh Vera, Doddie is Caiptean Tom a thaghadh le 50% den bhòt.