Barrachd airgid a dhìth dha na h-eileanan

  • Air fhoillseachadh
Bhatarsaigh

Tha mòran a bharrachd a dhìth air sgìrean eileanach na h-Alba airson leasachadh a thoirt orra, na gheibh iad fo Aonta nan Eilean, a-rèir ball-pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill.

Chuir e fàilte air an aonta, a bheir £100m bho Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba do na h-Eileanan an Iar, Arcaibh agus Sealtainn thairis air 15 bliadhna.

Ach chan eil sin ach luach mu 2 no 3% sa bhliadhna de bhuidseat Chomhairle nan Eilean Siar, a-rèir Mhgr MhicNèill.

Thuirt Mgr MacNèill gum bi an t-ionmhas math airson proiseactan 's dòcha nach rachadh air adhart às aonais an airgid agus bi iad sin a' toirt cosnaidhean dha na h-eileanan.

Leis gu bheil an t-airgead a' tighinn thairis air 15 bliadhna, cha bhith na h-eileanan a' faighinn ach mu £2m gach bliadhna a-rèir Mhgr MhicNèill, agus chuireadh e fàilte air barrachd.