Naidheachdan 11:00m
Dh'innis Prìomhaire na Spàinne gu bheil luchd-turais nas sàbhailte a thaobh a' Choròna-bhìorais anns a' chuid as motha de sgìrean na dùthcha na bhiodh iad anns an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Pedro Sánchez gur ann mì-chothromach a tha an co-dhùnadh iarraidh air daoine a thilleas chun na Rìoghachd Aonaichte às dèidh dhaibh a bhith anns an Spàinn a dhol ann an cuarantain fad cola-deug.
Aig a' cheart àm tha a' Ghearmailt air innse cuideachd do mhuinntir na dùthcha gum bu chòir dhaibhsan cuid de sgìrean den Spàinn leithid Barcelona a sheachnadh. Tha dragh air oifigich anns an dùthaich cuideachd mun àrdachadh anns an àireamh de chùisean den Choròna-bhìoras anns a' Ghearmailt fhèin, 's iad air àrdachadh 50% fhaicinn anns an àireamh de chùisean ùra a tha a' nochdadh anns an là.
Chaidh rabhadh a thoirt seachad cha mhòr 180 turas mu chion luchd-obrach ann an dachannan-cùraim na h-Alba tro èiginn a' Choròna-bhìorais. Thàinig e am bàrr gun deach fios a chur air Buidhinn Sgrùdaidh a' Chùraim mun t-suidheachadh, agus gun deach rabhadh dearg a thort seachad 30 turas - tha sin a' ciallachadh gun robh cion luchd-obrach a' toirt buaidh air feumalachdan an luchd-còmhnaidh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil e ceart gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air na co-dhùnaidhean a chaidh a dhèanamh tron phandemic.
Dh'fhoillsich Selfridges gun tèid 450 cosnadh a ghearradh leotha 's iad air lùghdachadh mòr fhaicinn anns na chaidh a chreic tro èiginn a' Choròna-bhìorais. Ann an teachdaireachd a chuir iad dhan luchd-obrach chaidh innse gur ann aig ìre gu math slaodach a thig piseach air an t-suidheachadh, agus gur e 2020 a' bhliadhna as duilghe a chunnacas anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
Thàinig e am bàrr gun robh mearachd anns an fhiosrachadh a dh'fhoillsich Bòrd na Gàidhlig mun àireamh chloinne ann am buidhnean Gàidhlig fo aois sgoile. Dh'innis iad gun tàinig lùghdachadh 20% air an àireimh chloinne a bha a' dol gu buidhnean fo aois trì bliadhna gu nàiseanta. Thuirt am Bòrd a-niste ge-tà nach robh seo idir coileanta, agus gun tèid am fiosrachadh ùr a chur air an làraich-lìn aca nuair a gheibh iad e.
Tha na Poilis a' sireadh duine a th' air a dhol a dhìth ann an Cataibh. Chunnacas George McGowan, a tha 77 's a bhuineas do Ghoillspidh air a' mhotorbaidhseagal aige faisg air Beinn a' Bhragaidh feasgar an-dè. Dh'innis na Poilis gun robh seacaid motorbaidhseagail ghorm air, boilersuit ghorm, 's clogaid dhubh le goggles air nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh.