Rabhadh mu riaghaltean cuarantain
Thug Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba rabhadh seachad Diluain gum faodadh riaghaltean cuarantain atharrachadh gu sgiobalta, agus gum bu chòir do dhaoine a bhith mothachail air an sin ma tha iad a’ cur air dòigh làithean-saora thall-thairis.
Tha seo a' tighinn às dèidh mar a cho-dhùin Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte oidhche Shathairne gum feum daoine a tha a’ tilleadh às an Spàinn cola-deug a chur seachad air falbh bho dhaoine eile nuair a thilleas iad.
Bha seo ri linn ‘s mar a thàinig àrdachadh mòr air cùisean ùra den Choròna-bhìoras anns an dùthaich.
Tha Nicole Webber ag aithris.