Naidheachdan 11:00m

Tha coltas gur ann air Dùghlas Ros, Ball-Pàrlamaid Mhoireibh a tha na Tòraidhean san Alba a' coimhead mar cheannard ùr, an dèidh do Jackson Carlaw falbh an-dè an dèidh sia mìosan anns an dreuchd. Tha aithrisean ann gun robh cuid de na Tòraidhean ann an Holyrood den bheachd nach robh Mgr Carlaw a' toirt dùbhlain gu leòr do Nicola Sturgeon, agus nach robh e a' cur dìon mar a bu chòir air an Aonadh. Ma 's e Mgr Ros a thèid a thaghadh, feuchaidh e ri àite fhaighinn aig Holyrood aig an taghadh an ath-bhliadhna.

Tha còrr is 4m duine ann an ceann a tuath Shasainn fo riaghailtean ùra le àireamhan a' Choròna-bhìorais ag èirigh a-rithist an sin. Tha casg air daoine ann an sgìre Greater Manchester, taobh sear Lancashire agus taobh siar Yorkshire bho mheasgachadh ri teaghlaichean eile - ged a tha taighean-seinnse agus taighean-bìdhe fhathast fosgailte. Tha na Làbaraich agus ceannardan coimhearsnachd ag ràdh gu bheil cho beag fios 's a bh' ann ro làimh mun atharrachadh seo agus cion-soilleireachd anns an teachdaireachd a' dèanamh mì-chinnt am measg a' mhòr-shluaigh.

Tha dearbhadh ann air trì cùisean eile den bhìoras ann an sgìre Inbhir Chluaidh. Tha ceangal aig an triùir a tha sin ris na h-ochd cùisean eile a tha dearbhte.

Tha 15 de bhuidhnean carthannais ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dìon a chur air cosnadh dhaoine a th' air a bhith a' "shieldadh" ach a dh'fheumas taghadh a-niste eadar tilleadh a dh'obair no an slàinte. Chuir iad litir dhan t-Seansalair ag ràdh gu bheil togail dìon orra sin ann an Sasainn, Alba agus Èirinn a Tuath bhon ath-oidhche a' fàgail cuid de luchd-obrach ann an suidheachadh fìor dhoirbh. Thuirt Roinn an Ionmhais gum feum luchd-fastaidh dìon a chur air luchd-obrach agus cothrom a thoirt dhaibh air an obair bhon dachaigh ma 's urrainn dhaibh idir.