400 cosnadh gan call aig M&Co
- Air fhoillseachadh

Bùth M&Co
Thèid 400 cosnadh a chall aig M&Co, aig a bheil bùithdean aodaich ann am bailtean air feadh na h-Alba, feadhainn air a' Ghàidhealtachd 's ann an Leòdhas nam measg.
Chaidh a' chompanaidh ann an rianachd ach chaidh na gnothaichean aca a cheannach a-rithist san spot leis an teaghlach a thog a' chompanaidh.
Dùinidh 47 bùth, ach le 215 gan cumail fosgailte thuirt an luchd-rianachd gum biodh mu 2,600 cosnadh annta fhathast.
Thuirt a' chompanaidh rianachd Deloittes gun robh duilgheadasan air a bhith aig M&Co, coltach ri gu leòr chompanaidhean eile, 's gun do rinn an Coròna-bhìoras an suidheachadh nas miosa.