Obair a' leantainn aig an Rest and Be Thankful
- Air fhoillseachadh

Tha an obair a' leantainn gus rathad an A83 aig an Rest and Be Thankful ann an Earra-Ghàidheal fhosgladh a-rithist às dèidh mhaoimtean-slèibhe, Dimàirt.
Thàinig còrr air 6,000 tunna de sprùilleach a-nuas far cliathaich na beinne.
Dhùin Seann-Rathad an Airm, a bhios air a chleachdadh mar as trìce nuair a bhios am prìomh rathad dùinte, cuideachd, agus còrr air 2,000 tunna de sprùilleach air an rathad sin.
Bidh maoimtean-slèibhe a' dùnadh an rathaid aig bealach Ghlinn Chrò gu math tric an dèidh uisge thruim.
Aiseag
Tha Western Ferries air aiseagan a bharrachd a chur air an t-slighe acasan à Guraig a dh'Earra-Ghàidheal airson luchd-siubhail a chuideachadh.
San Fhaoilleach am bliadhna, chaidh an rathad a dhùnadh airson dà là às dèidh do cha mhòr 1,500 tunna de sprùilleach tighinn a-nuas air.
Tha an Riaghlatas air £79.2m a chosg air an rathad bho 2007.
Sa Mhàrt, thuirt Còmhdhail Alba gum biodh cha mhòr £2m ga chosg air uidheamachd drèanaidh gus an rathad a dhèanamh nas seasmhaiche.
Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ge-tà, air a bhith ag ràdh gum feumar barrachd a dhèanamh airson fuasgladh maireannach fhaighinn air na duilgheadasan leis an rathad.