Ochd sgoiltean air Ghàidhealtachd fhathast dùinte
- Air fhoillseachadh

Tha ochd sgoiltean air Ghàidhealtachd nach eil deiseil madainn Diciadain airson clann a bhith a' tilleadh.
Tha a' mhòr-chuid de sgoilearan na h-Alba a' tilleadh dhan sgoil Diciadain, an dèidh do sgoiltean Shealtainn agus nan Crìochan fosgladh Dimàirt an dèidh an Lockdown.
Ach tha pàrantan sgoiltean Chaol Loch Aillse, Chaol Àcainn agus Bun-sgoil a' Chnuic Bhric san Eilean Sgitheanach am measg na fhuair litir bho Chomhairle na Gàidhealtachd Dimàirt ag innse nach deach aig an ùghdarras air na sgoiltean aca ullachadh an àm.
'S iad na sgoiltean eile Bun-sgoil a' Chnuic Bhric san Eilean Sgitheanach; Bun-sgoil Mhalaig; Bun-sgoil Eilein Rùim; Bun-sgoil Shìldeig; Seann-Bhun-sgoil an Tairbeirt air taobh sear Rois agus Bun-sgoil an Todhair san Eilean Dubh.
Thuirt a' Chomhairle gur e duilgheadasan ann a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil na togalaichean air an glanadh gu ceart as coireach, am measg rudan eile, agus dh'iarr iad air pàrantan an leisgeul a ghabhail.
Anns an litir, thuirt àrd-stiùiriche na Comhairle Donna Manson gun robh iad ag amas air an trioblaid seo a chur ceart Diciadain fhèin, agus gun robh i duilich nach deach barrachd rabhaidh a thoirt do phàrantan.